Dóchas

Cha d'fhuair mi'n cadal

Dóchas
Thog sinn oirnn gu tighinn dhan dùthaich
'S bha 'n ceò dùmhail air na beannan

Faill-iu ill eo illinn is o
Faill-iu o, cha d'fhuair mi 'n cadal
Faill-iu ill eo illinn is o

Chuir sinn an jib beag an òrdan
'S bha 'n fhairge a'dòrtadh thairis

Shaoil sinn gu b'e maol na h-ogha
Cruachan mòna bhàgh a'chaisteil

Bha aon fhear innte bha feumail
Mac 'ic eoghainn teòma, sgairteil

Caimbeulach cha b'e bu tàire
'Stiuireadh bàt' is gàbhadh mara

Ràinig sinne taigh na fialachd
'S am biadh cha robh oirnn a dh'easbhuidh

Dh'fhiathaich iad sinn suas gu bòrdaibh
'S bha muc-fheòil ann, beòir is drama

Cha robh leithid fo na speuran
Taigh an eireannaich am barraigh

Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!