Laoidh mhoire mhaighdeann
Maggie macinnesO 's gille do Mhac na a' ghrian
Rugadh am Mac an aois Athar
Oighre Fhlathanais g'ar dion
'S iosal an ceum thug ar Slànuighear
A nuas o Phàrras gu talamh
'Nuair a rugadh E 's an stàbull
Gun tuilleadh aite dha falamh
Cha d'iarr ban-righinn na h-ùmhlachd
Fuirneiseachadh, rùm na seòmar
Cha mhò dh'iarr i mnathan glùine
Ach Righ nan Dùl bhith 'ga còmhnadh
'S èibhinn an sealladh a fhuair i
'Nuair thàinig E nuas a colainn
Rothall i'n anartaibh bàna
An Slànuighear thàinig g'ar ceannach
Cha d'iarr Macan na h-uaisle
Cuision na cluasag na leabaidh
Gus an d'èirich leis a'mhàthair
'Ga chur 's a' mhainnseir 'na chadal
Chruinnich na buachaillean bochda
Ghabhail beachd air anns an tìm sin
Chur misneach an lag 's an làidir
Bhith cho dàna air an Righ sin
Shoillsich rionnag anns an athar
Rinn rathad dha na tri rìghrean
Thàinig 'ga ionnsuidh le h-àbhachd
Gaol is gràdh is fàilte is fìrinn
Aig fheabhas rinn thu a ghlàidheadh
Dol leis a latha 's a dh'oidhche
Aig fheabhas rinn thu air feitheamh
'Se do bheatha Mhoire Mhaighdeann
Mais ouvidas de Maggie macinnes
ver todas as músicas- Oran Na Raiders Bhatersaigh
- Calum Beag O Thìr a'Mhurain
- Two Waulking Songs
- Thig Dhachaigh Leam Dha 'N T-sidhean
- Faca Sibh Raghail Na Ailein
- Micheal
- Dh'èirich Mi Gu Moch Di-luain
- Laoidh Mhoire Mhaighdeann
- Air Do Bhanais
- Oran do Dh'eilean Mhiughalaigh
- Beinn A' Cheathaich
- Leis An Lurgainn
- Òran A' Mharaiche
- A' Mhic Dhùghaill 'Ic Ruairidh
- Fath Mo Mhulaid A Bhith Ann
- Nuair Bhios Mi Leam Fhin
- Thig An Smeorach As t-Earrach
- Thug Mi Gaol Do'n Fhear Bhàn
- Dh'fhalbh Mo Run Bho Chionn Seachdain
- Is Moch An Diugh A Rinn Mi Gluasad