Mairi macinnes

Mairead Òg

Mairi macinnes
A mhairead òg, 's tu rinn mo leon
Gur cailean bhòidheach lurach thu
Gur guirme do sùil a' mhadainn chiùin
An dearc air chùl nan duilleagan

Gur gil' thu ghràidh na 'n sneachda bàn
A' cur air àird nam monaidhean
Och mo nighean donn

Och, 's I mo mhàthair rinn an call
Nuair chuir I shealg nan tunnag mi
'S nuair ràinig mi an linne chaol
'S ann bha mo ghaol a' srùthladh innt'e

'S nuair ràinig mi an linne chaol
'S ann bha mo ghaol a' srùthladh innt'e
'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn
Cha téid e òirleach tuilleadh leam

Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh
'S air leabaidh àird cha chuir iad mi
Mi 'n diugh 's an dé air cnoc leam fhéin
A' sileadh dheur 's mi turaman

O rígh nan dùl cum rium mo chiall
Cha robh mi riamh 's a' chunnart seo
A mhairead òg, 's tu rinn mo leòn
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi

Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!