Mouth music

Hoireann o

Mouth music
Hoireann ó ho hì dhiù o
Hi ùrabh o ró hug éileadh
Hoireann ó ho hì dhiù o

Chì mi 'm bàta seach an rubha
'S i 'na siubhal fo làn-éideadh

'S àrd a chluinntear fuaim a daraich
'S i 'na deannaibh tro'n chaol Shléibhteach

'S àrd a chluinntear fuaim a cupla
Air muir guchagach ag éirigh

Bidh i an tir Mhic Nìll fo latha
'S fir 'ga caitheamh as an léintean

Bidh an stiùir an làimh mo leannain
'Oganach deas fearail feucannt

Bidh an stiùir an làimh nan gillean
O 's iad fhéin as binne dh'éibheas

Bidh an stiùir an làimh an Leòdaich
Air am bu shugrach òl sinéabhar

Gur ann orm tha sgrìob na pòige
'S cha n-eil sòlas orm mu déidhinn

Bho nach faighinn pòg mo leannain
Ge b'e cala an dian e éirigh

Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!