Ruith na gaoith
Rachel walker
Tha do shùilean a tàladh mar fhàil òir
Cho soilleir, cho sìtheil, cho prìseil thar glòir
'S do bhòidhchead gun choimeas mar eal' air a chuan
O, mhàiri-eilidh, 's tu mo rùn
Cho soilleir, cho sìtheil, cho prìseil thar glòir
'S do bhòidhchead gun choimeas mar eal' air a chuan
O, mhàiri-eilidh, 's tu mo rùn
'S bidh gillean a bhaile a radh, "tha thu faoin
Chan eil I ach mar nathair, a' mealladh gun smaoin"
Ach tha mo dhìlseachd cho domhainn gun ghrùnnd
Gun fhois, gun iomall, gun chadal, 's gun sunnd
'S ge daor do phògan 's cruaidh do chrìdh'
'S ge daor do bhòidean briathran gun bhrìgh
Latha 's a dh'oidhche tha m'anam gun sìth
'S ge daor do phògan, leanaidh mi
On a chunnaic mi do mhaise, tha m' aigne gun tàmh
Long mo thuigse gun sheòl 's gun ràmh
'S ged tha mi a' tagradh, cha ghabh thusa ùidh
O, mhàiri-eilidh, 'eil mi ruith na gaoith?
'S ge daor do phògan 's cruaidh do chrìdh'
'S ge daor do bhòidean briathran gun bhrìgh
Latha 's a dh'oidhche tha m'anam gun sìth
'S ge daor do phògan, leanaidh mi
Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!
Mais ouvidas de Rachel walker
ver todas as músicas- Mo Rùn Geal Òg
- Ruith Na Gaoith
- Puirt A Beul
- Mo Chràdhghal Bochd
- Bràigh Uige
- Ho Rò Chan Eil Cadal Orm
- Inbhir Àsdal Nam Buadh
- An Dean Thu M' Fhàgail?
- Smeòrach Clann Dòmnaill
- Thug Mi 'N Oidhche Ge B' Fhad I
- Rathad Ièricho
- Fichead Bliadhna
- Iain Ghlinne Cuaich
- Tha Na H-uain Air An Tulaich
- Oran Chalum Sgàire
- Chaidh Am Bata Sios An Rubha
- A Mhic Dhùghaill 'Ic Ruairidh
- Cadal Ciarach Mo Luran
- Alasdair À Gleanna Garadh
- Bràighe Loch Iall